Agus gun toir sibh aire dhasan, a tha an eideadh riomhach, agus gun abair sibh ris: Suidh thusʼ an so gu math; ach gun abair sibh ris an duine bhochd: Seas thusʼ an sid, no suidh fo stol mo chas:
Eisdibh, mo bhraithrean ro ghradhach, nach do thagh Dia bochdan an t-saoghail so gu bhith beairteach an creideamh, ʼs ʼnan oighreachan air an rioghachd, a gheall Dia dhaibh-san a bheir gaol da?
Ach thug sibhse taire do ʼn duine bhochd. Nach eil na daoine beairteach gu ʼr sarachadh le ainneart, ʼs nach eil iad gu ʼr tarruinn gu caithrichean breitheanais?
Ma tha sibh coimhlionadh ma ta an lagha rioghail a reir nan Sgriobtur: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach mar dhut fhein, is math a tha sibh a dianamh:
Oir esan a thuirt: Na dian adhaltras, thuirt e cuideachd: Na dian marbhadh. A nis mur dian thu adhaltras, ach gun dian thu marbhadh, tha thu na dʼ fhear-bristeadh an lagha.
ʼS gun abair a h-aon agaibhse riu: Falbhaibh an sith, bithibh air ur garadh ʼs air ur sàsuchadh: ʼs nach toir sibh dhaibh na tha feumail do ʼn choluinn, ciod am feum a ni e?
Ach their cuid: Tha creideamh agadsa, agus tha oibrichean agamsa: fiach dhomh do chreideamh gun oibrichean; us fiachaidh mise dhutsa mo chreideamh le oibrichean.