Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg.
Agus nuair a thèid dìoghaltair na fala an tòir air, an sin cha toir iad suas am marbhaiche da làimh; a chionn gun do bhuail e a choimhearsnach gun fhios dha, agus gun fhuath aige dha anns an aimsir roimhe sin.
Agus gabhaidh e còmhnaidh anns a’ bhaile sin, gus an seas e an làthair a’ cho-chruinneachaidh a‑chum breitheanais, agus gu bàs an àrd-shagairt a bhios ann anns na làithean sin: an sin tillidh am marbhaiche, agus thig e da bhaile fhèin, agus da thaigh fhèin, don bhaile on do theich e.
Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.
Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh.
B’iad sin na bailtean a shònraicheadh airson chloinn Israeil uile, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg, a‑chum ge bè a mharbhadh neach ann an aineolas, gun teicheadh e an sin, agus nach bàsaicheadh e le làimh dìoghaltair na fala, gus an seasadh e an làthair a’ cho-chruinneachaidh.