Seallaibh an seòrsa gràidh a tha an t‑Athair air a thoirt dhuinn, gun deigheadh clann Dhè a ghabhail oirnn. Agus 's e sin a th' annainn! Mar sin, chan aithne dhan t‑saoghal sinn a chionn 's nach b' aithne dha esan.
A mhuinntir ghràdhaichte, tha sinne a‑nis nar cloinn do Dhia, agus cha deach a dhèanamh follaiseach fhathast dè a bhios annainn. Ach tha fios againn nuair a nochdas e, gum bi sinn coltach ris, oir chì sinn e dìreach mar a tha e.
Tha an neach a tha ris a' pheacadh on diabhal, on a tha an diabhal air a bhith a' peacachadh on toiseach. B' ann air a shon seo a nochd Mac Dhè, airson 's gun cuireadh e às do dh'obraichean an diabhail.
Cha bhi neach sam bith a th' air a bhreith o Dhia ri peacadh, oir tha a shìol‑san a' fantainn ann; agus chan urrainn dha peacachadh on a tha e air a bhreith o Dhia.
Mar seo, tha e follaiseach cò iad clann Dhè agus cò iad clann an diabhail. Neach sam bith nach eil ri fìreantachd, chan eil e o Dhia, 's cha mhotha a tha neach sam bith aig nach eil gràdh dha bhràthair.
Na bithibh mar Chàin a bhuineadh dhan droch fhear agus a mhurt a bhràthair. Agus carson a mhurt e e? A chionn 's gun robh a ghnìomhan fhèin olc agus gun robh cuid a bhràthar fìreanta.
'S e murtair a th' anns a h‑uile neach aig a bheil fuath dha bhràthair, agus tha fios agaibh nach eil a' bheatha shìorraidh a' fantainn ann am murtair sam bith.
'S e seo mar a tha fios againn dè a th' ann an gràdh; oir shìn esan sìos a bheatha air ar son. Agus bu chòir dhuinne ar beatha a shìneadh sìos airson nam bràithrean.
Ach ge b' e cò aig a bheil sealbh‑beatha saoghalta 's a chì a bhràthair ann an èiginn agus nach seall truas dha, ciamar is urrainn gràdh Dhè fantainn annsan?
Agus an neach a chumas àithntean, tha e a' fantainn ann, agus esan annsan. Agus mar sin tha fios againn gu bheil esan a' fantainn annainne: tron Spiorad a thug e dhuinn.