A mhuinntir ghràdhaichte, na creidibh a h‑uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan — an ann o Dhia a tha iad, oir tha mòran fhàidhean‑brèige air a dhol a‑mach dhan t‑saoghal.
ach chan ann o Dhia a tha spiorad sam bith nach aidich Ìosa. 'S e seo spiorad an ana‑crìosd, a chuala sibh a tha ri thighinn agus a tha eadhon a‑cheana san t‑saoghal.
Tha sinne le Dia, agus ge b' e cò aig a bheil eòlas air Dia, èistidh e rinne; ach ge b' e cò nach eil o Dhia, chan èist e rinne. 'S e seo mar a bhios eòlas againn air Spiorad na fìrinne agus air spiorad a' mheallaidh.
A mhuinntir ghràdhaichte, biodh gràdh againn air càch‑a‑chèile on a tha gràdh o Dhia. Agus rugadh gach neach aig a bheil gràdh, o Dhia agus tha eòlas aige air Dia.
Is ann an seo a tha gràdh; chan e gun do ghràdhaich sinne Dia ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac mar ìobairt‑rèite airson ar peacaidhean.
Chan fhaca neach sam bith Dia riamh; ach ma tha gràdh againne air càch‑a‑chèile, tha Dia a' fantainn annainne agus tha a ghràdh‑san air a choileanadh annainn.
Agus tha fios againn air agus tha sinn air creidsinn anns a' ghràdh a th' aig Dia air ar son. Is gràdh Dia. Agus esan a tha a' fantainn ann an gràdh, tha e a' fantainn ann an Dia agus Dia a' fantainn annsan.
Mar sin tha gràdh air a choileanadh annainne, airson 's gum bi misneachd againn air Latha a' Bhreitheanais, agus dìreach mar a tha esan, tha sinne cuideachd san t‑saoghal seo.
Chan eil eagal ann an gràdh. Ach tha gràdh coileanta a' tilgeil eagal a‑mach, oir tha peanas san eagal. Agus chan eil neach air a bheil eagal air a dhèanamh coileanta ann an gràdh.
Ma chanas neach sam bith, “Tha gràdh agamsa air Dia,” ach gu bheil fuath aige dha bhràthair, 's e breugaire a th' ann. Oir chan urrainn dhàsan aig nach eil gràdh air a bhràthair, a tha e air fhaicinn, gràdh a bhith aige air Dia, nach eil e air fhaicinn.