Agus thàinig aon dhe na seachd ainglean aig an robh na seachd bobhlaichean agus bhruidhinn e rium, ag ràdh, “Trobhad, is seallaidh mi dhut breitheanas na strìopaiche mòire a tha na suidhe air mòran uisgeachan,
leis an d' rinn rìghrean na talmhainn strìopachais is leis an deachaidh iadsan a bha a' còmhnaidh air thalamh a chur air mhisg le fìon a strìopachais.”
Agus ghiùlain e mi air falbh dhan fhàsaich san spiorad agus chunnaic mi boireannach na suidhe air biast sgàrlaid a bha làn de dh'ainmean toibheumach, 's air an robh seachd cinn is deich adhaircean.
Agus bha am boireannach air a h‑èideadh ann am purpaidh 's ann an sgàrlaid, agus air a sgeadachadh le òr is clach phrìseil is neamhnaidean. Bha cupa òir aice na làimh a bha làn de ghràinealachdan is neòghlaine a strìopachais.
Agus thuirt an t‑aingeal rium, “Carson a ghabh thu iongnadh? Innsidh mise dhut dìomhaireachd a' bhoireannaich 's na bèiste a tha ga giùlan, air a bheil seachd cinn is deich adhaircean.
A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh — aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail — fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.
“Agus 's iad na deich adhaircean a chunnaic thu, deich rìghrean, nach eil air rìoghachd fhaighinn fhathast, ach gheibh iad ùghdarras mar rìghrean airson aon uair a thìde còmhla ris a' bhèist.
Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra, oir is esan Tighearna nan tighearnan agus Rìgh nan rìghrean, agus tha iadsan a tha leis air an gairm, agus air an taghadh agus dìleas.”
Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, agus a' bhiast, fuathaichidh iad an strìopach agus nì iad fàsail i, is rùisgte agus ithidh iad a feòil, is losgaidh iad i le teine.
Oir chuir Dia nan cridheachan a thoil‑san a dhèanamh, agus nì iad i le aon inntinn agus bheir iad an rìoghachd dhan bhèist gus an tèid faclan Dhè a choileanadh.