Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh? |
| 2 |
| Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas: feuch, thug mi an tìr thairis da làimh. |
| 3 |
| Agus thubhairt Iùdah ri Simeon a bhràthair, Thig a‑nìos maille riumsa dom chrannchur, a‑chum gun cog sinn an aghaidh nan Canàanach, agus thèid mise mar an ceudna maille riutsa dod chrannchur-sa. Agus chaidh Simeon maille ris. |
| 4 |
| Agus chaidh Iùdah suas; agus thug an Tighearna na Canàanaich agus na Peridsich thairis dan làimh: agus mharbh iad dhiubh ann am Besec deich mìle fear. |
| 5 |
| Agus fhuair iad Adoni-besec ann am Besec; agus chog iad na aghaidh, agus bhuail iad na Canàanaich agus na Peridsich. |
| 6 |
| Ach theich Adoni-besec, agus lean iad e, agus ghlac iad e, agus gheàrr iad dheth òrdagan a làmh agus a chas. |
| 7 |
| Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail trì-fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin. |
| 8 |
| A‑nis chog clann Iùdah an aghaidh Ierusaleim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus chuir iad am baile ri theine. |
| 9 |
| Agus an dèidh sin, chaidh clann Iùdah sìos a chogadh an aghaidh nan Canàanach, a bha a chòmhnaidh anns a’ mhonadh, agus anns an àird a deas, agus anns a’ chòmhnard. |
| 10 |
| Agus chaidh Iùdah an aghaidh nan Canàanach a bha a chòmhnaidh ann an Hebron, (a‑nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba,) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai. |
| 11 |
| Agus a sin chaidh e an aghaidh luchd-àiteachaidh Dhebir: (agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat-sepher:) |
| 12 |
| Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat-sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi. |
| 13 |
| Agus ghlac Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi. |
| 14 |
| Agus nuair a thàinig i da ionnsaigh, bhrosnaich i e gu achadh iarraidh o a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail; agus thubhairt Càleb rithe, Ciod as àill leat? |
| 15 |
| Agus thubhairt i ris, Thoir dhomh beannachadh: oir thug thu dhomh fearann ri deas: thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge. Agus thug Càleb dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach. |
| 16 |
| Agus chaidh clann a’ Chenich, athair-cèile Mhaois, suas à baile nan craobh-pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh. |
| 17 |
| Agus chaidh Iùdah maille ri Simeon a bhràthair, agus bhuail iad na Canàanaich a bha nan còmhnaidh ann an Sephat, agus sgrios iad gu tur e: (agus thugadh Hormah mar ainm air a’ bhaile:) |
| 18 |
| Agus ghlac Iùdah Gàsa agus a chrìochan, agus Ascelon agus a chrìochan, agus Ecron agus a chrìochan. |
| 19 |
| Agus bha an Tighearna maille ri Iùdah; agus ghabh e sealbh air a’ mhonadh, ach cha b’urrainn e luchd-àiteachaidh an t‑sratha fhògradh a‑mach, a chionn gu robh carbadan iarainn aca. |
| 20 |
| Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic. |
| 21 |
| Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh. |
| 22 |
| Agus chaidh taigh Iòseiph mar an ceudna suas an aghaidh Bheteil: agus bha an Tighearna maille riu. |
| 23 |
| Agus chuir taigh Iòseiph daoine a rannsachadh a‑mach Bheteil: (a‑nis b’e ainm a’ bhaile roimhe Luds). |
| 24 |
| Agus chunnaic an luchd-bratha duine a’ teachd a‑mach as a’ bhaile, agus thubhairt iad ris, Feuch dhuinn, guidheamaid ort, an rathad a‑steach don bhaile, agus nochdaidh sinn tròcair dhut. |
| 25 |
| Agus nuair a dh’fheuch e dhaibh an rathad a‑steach don bhaile, bhuail iad am baile le faobhar a’ chlaidheimh: ach leig iad air falbh an duine agus a theaghlach uile. |
| 26 |
| Agus chaidh an duine do fhearann nan Hiteach, agus thog e baile, agus thug e Luds mar ainm air: is e seo a ainm gus an là‑an‑diugh. |
| 27 |
| Cha mhò a dh’fhògair Manaseh a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-seain agus a bhailtean, no Thaanaich agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Ibleaim agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean: ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an fhearann sin. |
| 28 |
| Agus thàrladh, nuair a dh’fhàs Israel làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhuadaich iad gu buileach a‑mach iad. |
| 29 |
| Cha mhò a dh’fhuadaich Ephraim a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg ann an Gèser. |
| 30 |
| Cha mhò a dh’fhuadaich Sebulun a‑mach luchd-àiteachaidh Chitroin no luchd-àiteachaidh Nahaloil: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg, agus bha iad fo chìs dhaibh. |
| 31 |
| Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd-àiteachaidh Acho, no luchd-àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib: |
| 32 |
| Ach ghabh na h‑Aserich còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre; oir cha d’fhuadaich iad a‑mach iad. |
| 33 |
| Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-semeis, no luchd-àiteachaidh Bhet-anait; ach ghabh e còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd-àiteachaidh Bhet-semeis agus Bhet-anait fo chìs dhaibh. |
| 34 |
| Agus dh’èignich na h‑Amoraich clann Dhain don t‑sliabh: oir cha leigeadh iad leo teachd a‑nuas don ghleann. |
| 35 |
| Ach b’àill leis na h‑Amoraich còmhnaidh a ghabhail ann an sliabh Hereis ann an Aialon, agus ann an Saalbim: gidheadh bhuadhaich làmh taigh Iòseiph, agus bha iad fo chìs dhaibh. |
| 36 |
| Agus bha crìoch nan Amorach o uchdaich Acrabim, on charraig, agus suas o sin. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/judges/001.mp3
21
1