Agus rug bean Ghilead mic dha; agus dh’fhàs mic a mhnà suas, agus thilg iad a‑mach Iephtah, agus thubhairt iad ris, Chan fhaigh thu oighreachd ann an taigh ar n‑athar-ne, oir is mac mnà coimhich thu.
An sin theich Iephtah o a bhràithrean, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Thoib: agus chruinnicheadh daoine faoine gu Iephtah, agus chaidh iad a‑mach maille ris.
Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Nach d’fhuathaich sibh mi, agus nach do thilg sibh a‑mach mi à taigh m’athar? Agus carson a thàinig sibh am ionnsaigh a‑nis, nuair a tha sibh ann an teanntachd?
Agus thubhairt seanairean Ghilead ri Iephtah, Uime sin thill sinn a‑nis ad ionnsaigh, a‑chum gun tèid thu maille rinn, agus gun cog thu an aghaidh chloinn Amoin, agus gum bi thu ad cheann oirnn, eadhon air uile luchd-àiteachaidh Ghilead.
Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Ma bheir sibh air m’ais mi a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus gun toir an Tighearna thairis iad am fhianais, am bi mise am cheann oirbh?
Agus chaidh Iephtah maille ri seanairean Ghilead, agus rinn an sluagh e na cheann orra, agus na cheannard. Agus labhair Iephtah a bhriathran uile an làthair an Tighearna ann am Mispeh.
Agus chuir Iephtah teachdairean a dh’ionnsaigh rìgh chloinn Amoin, ag ràdh, Ciod e do ghnothach-sa riumsa, gun tàinig thu am aghaidh a chogadh ann am thìr?
Agus thubhairt rìgh chloinn Amoin ri teachdairean Iephtah, A chionn gun do ghlac Israel m’fhearann nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit, o Arnon gu ruig Iaboc, agus gu ruig Iòrdan: a‑nis uime sin thoir thusa air ais e ann an sìth.
An sin chuir Israel teachdairean gu rìgh Edoim, ag ràdh, Leig dhuinn, guidheamaid ort, dol tro d’fhearann: ach chan èisdeadh rìgh Edoim agus mar an ceudna chuir iad teachdairean gu rìgh Mhòaib: ach cha d’aontaich e: agus dh’fhan Israel ann an Cadeis.
An sin ghluais iad tron fhàsach, agus chuartaich iad tìr Edoim, agus tìr Mhòaib, agus thàinig iad o thaobh na h‑àird an ear de thìr Mhòaib, agus champaich iad air an taobh eile de Arnon, ach cha tàinig iad an taobh a‑staigh de chrìch Mhòaib; oir b’e Arnon crìoch Mhòaib.
Agus chuir Israel teachdairean gu Sihon rìgh nan Amorach, rìgh Hesboin; agus thubhairt Israel ris, Leig dhuinn, guidheamaid ort, gabhail tro d’fhearann dar n‑àite fhèin.
Ach cha d’earb Sihon ri Israel gabhail tro a chrìch: ach chruinnich Sihon a shluagh uile cuideachd, agus champaich iad ann an Iahas; agus chog e ri Israel.
Agus thug an Tighearna, Dia Israeil, Sihon agus a shluagh uile thairis do làimh Israeil, agus bhuail iad iad: agus shealbhaich Israel uile fhearann nan Amorach, luchd-àiteachaidh na tìre sin.
An nì sin a bheir do dhia Chemos dhut ra shealbhachadh, nach sealbhaich thusa e? Agus ge bè neach a thilg an Tighearna ar Dia-ne a‑mach romhainn, na sheilbh-san thèid sinne.
Nuair a ghabh Israel còmhnaidh ann an Hesbon agus na bhailtean, agus ann an Aroer agus na bhailtean, agus anns na bailtean uile a tha làimh ri Arnon, rè trì cheud bliadhna? Agus carson nach do bhuin sibh air an ais iad anns an àm sin?
Uime sin cha do pheacaich mise ad aghaidh, ach tha thusa a’ dèanamh eucoir ormsa le cogadh am aghaidh: thugadh an Tighearna, am Britheamh, breith an‑diugh eadar clann Israeil agus clann Amoin.
Agus thàinig spiorad an Tighearna air Iephtah; agus chaidh e thairis gu Gilead agus Manaseh, agus o sin chaidh e thairis gu Mispeh Ghilead, agus o Mhispeh Ghilead chaidh e thairis gu cloinn Amoin.
An sin tàrlaidh, ge bè nì a thig a‑mach à dorsan mo thaighe am choinneamh, nuair a thilleas mi ann an sìth o chloinn Amoin, gu cinnteach gur leis an Tighearna e, agus ìobraidh mi e dha na ìobairt-loisgte.
Agus bhuail e iad o Aroer, eadhon gus an tig thu gu Minit, fichead baile, agus gu còmhnard nam fìonlios, le àr ro‑mhòr. Mar seo dh’irioslaicheadh clann Amoin am fianais chloinn Israeil.
Agus thàinig Iephtah gu Mispeh da thaigh, agus, feuch, thàinig a nighean a‑mach na choinneamh le tiompanan agus le dannsan, agus b’i a aon leanabh-cloinne i: cha robh aige mac no nighean ach i.
Agus nuair a chunnaic e i, reub e a aodach, agus thubhairt e, Och, mo nighean! Is ro‑ìosal a leag thu mi, agus is aon thu dhiùbhsan a tha gam chlaoidh: oir dh’fhosgail mi mo bheul don Tighearna, agus chan fhaod mi dol air m’ais.
Agus thubhairt ise ris, Athair, ma dh’fhosgail thu do bheul don Tighearna, dèan riumsa a rèir an nì a thàinig a‑mach as do bheul, o rinn an Tighearna dìoghaltas air do shon-sa air do naimhdean, eadhon air cloinn Amoin.
Agus thubhairt i ra h‑athair, Dèanar an nì seo air mo shon-sa: Leigear leam dà mhìos a‑chum gun imich mi suas agus sìos air na beanntan, agus gun dèan mi caoidh airson m’òigheachd, mi fhèin agus mo bhana-chompanaich.
Agus thubhairt e, Imich. Agus leig e air falbh i rè dà mhìos: agus chaidh i maille ra ban-chompanaich, agus rinn i caoidh airson a h‑òigheachd air na beanntan.
Agus ann an ceann dà mhìos, thill i a dh’ionnsaigh a h‑athar, agus rinn e rithe a rèir a bhòide a bhòidich e: agus cha robh aithne aice air fear. Agus bha e na ghnàth ann an Israel,