Agus thàinig aingeal an Tighearna a‑nìos o Ghilgal gu Bochim, agus thubhairt e, Thug mi a‑nìos sibh as an Eiphit, agus thug mi a‑steach sibh don fhearann a mhionnaich mi dur n‑athraichean; agus thubhairt mi, Cha bhris mi mo choicheangal ribh gu bràth.
Agus cha dèan sibh coicheangal sam bith ri luchd-àiteachaidh na tìre seo; tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha tug sibh gèill dom ghuth: carson a rinn sibh seo?
Uime sin mar an ceudna thubhairt mi, Chan fhuadaich mi a‑mach iad romhaibh; ach bidh iad mar bhioran nur taobhan, agus bidh an diathan nan ribe dhuibh.
Agus rinn an sluagh seirbhis don Tighearna rè uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, a chunnaic uile obraichean mòra an Tighearna, a rinn e airson Israeil.
Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile a‑chum an athraichean: agus dh’èirich ginealach eile suas nan dèidh, do nach b’aithne an Tighearna, no na h‑obraichean a rinn e airson Israeil.
Agus thrèig iad an Tighearna Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus lean iad diathan eile, de dhiathan an t‑sluaigh a bha mun cuairt orra, agus chrom iad iad fhèin sìos dhaibh, agus bhrosnaich iad an Tighearna gu corraich.
Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.
Ge bè taobh a chaidh iad a‑mach, bha làmh an Tighearna nan aghaidh a‑chum uilc, mar a thubhairt an Tighearna, agus mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh: agus bha iad ann an teinn ro‑mhòir.
Gidheadh chan èisdeadh iad rim britheamhan, ach chaidh iad le strìopachas an dèidh dhiathan eile, agus chrom iad iad fhèin dhaibh: thill iad gu grad as an t‑slighe anns an d’imich an athraichean, a’ toirt gèill do àitheantan an Tighearna: cha do rinn iadsan mar sin.
Agus nuair a thog an Tighearna suas dhaibh britheamhan, an sin bha an Tighearna leis a’ bhritheamh, agus shaor e iad à làimh an naimhdean, rè uile làithean a’ bhritheimh: oir ghabh an Tighearna truas dhiubh airson an osnaich o làthair na muinntir sin a rinn ainneart orra, agus a shàraich iad.
Agus nuair a bha am britheamh marbh, thill iad, agus thruaill iad iad fhèin nas mò na an athraichean, ann an leantainn dhiathan eile, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu cromadh sìos dhaibh; cha do sguir iad on gnìomharan fhèin, no on slighe eas-umhail.
Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil; agus thubhairt e, A chionn gun do bhris an sluagh seo mo choicheangal a dh’àithn mi dan athraichean, agus nach d’èisd iad rim ghuth,