Agus thubhairt Rut, a’ bhan-Mhòabach, ri Naòmi, Leig dhomh a‑nis dol don achadh, agus diasan arbhair a dhìoghlam an dèidh an tì sin aig am faigh mi deagh-ghean na shùilean. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean.
Agus dh’fhalbh i, agus thàinig i, agus dhìoghlaim i anns an achadh an dèidh nam buanaichean; agus thachair dhi dol air earrainn den achadh a bu le Bòas, a bha de theaghlach Elimeleich.
Agus, feuch, thàinig Bòas o Bhetlehem, agus thubhairt e ris na buanaichean, Gu robh an Tighearna maille ribh: agus fhreagair iadsan, Gum beannaicheadh an Tighearna thusa.
Agus fhreagair an t‑òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i seo an òg‑bhean Mhòabach, a thàinig air a h‑ais maille ri Naòmi à fearann Mhòaib:
Agus thubhairt ise, Guidheam ort, leig dhomh dìoghlam, agus tional am measg nan sguab an dèidh nam buanaichean: agus thàinig i, agus dh’fhuirich i eadhon on mhadainn gus a‑nis, ach gun d’fhan i tamall beag a‑staigh.
An sin thubhairt Bòas ri Rut, Nach cluinn thu, mo nighean? Na gabh a dhìoghlam ann an achadh eile, agus na falbh à seo, ach fan an seo làimh rim ghruagaichean-sa.
Biodh do shùilean air an achadh a bhuaineas iad, agus falbh thusa nan dèidh. Nach d’àithn mise do na h‑òganaich gun bheantainn riut? Agus nuair a bhios ìotadh ort, falbh a dh’ionnsaigh nan soithichean, agus òl den uisge a tharraing na h‑òganaich.
An sin thuit i air a h‑aghaidh, agus chrom i i fhèin gu làr, agus thubhairt i ris, Carson a fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, gun cuireadh tu eòlas orm, agus mi am bhan-choigrich?
Agus fhreagair Bòas, agus thubhairt e rithe, Dh’innseadh gu h‑iomlan dhòmhsa gach nì a rinn thu dod mhàthair-chèile an dèidh bàs d’fhir, agus mar a dh’fhàg thu d’athair agus do mhàthair, agus an tìr anns an do rugadh tu, agus a tha thu air teachd a dh’ionnsaigh sluaigh nach b’aithne dhut roimhe seo.
Agus thubhairt ise, Faigheam deagh-ghean ad shùilean, mo Thighearna, do bhrìgh gun tug thu sòlas dhomh, agus gun do labhair thu gu coibhneil rid bhanoglaich, ged nach eil mi cosmhail ri aon ded ghruagaichean-sa.
Agus thubhairt Bòas rithe, Aig àm bìdh thig thusa an seo, agus ith den aran, agus tum do ghreim anns an fhìon-gheur. Agus shuidh i ri taobh nam buanaichean: agus shìn e dhi sìol cruadhaichte, agus dh’ith i, agus shàsaicheadh i, agus dh’fhàg i fuidheall.
Agus cuideachd leigibh de ur deòin le cuid de na dlaghan tuiteam air a son, agus fàgaibh iad a‑chum gun dìoghlaim i iad, agus na tugaibh achmhasan dhi.
Agus thog i suas e, agus chaidh i don bhaile, agus chunnaic a màthair-chèile na dhìoghlaim i; agus chuir i an làthair, agus thug i dhi na dh’fhàg i, an dèidh dhi a bhith sàsaichte.
Agus thubhairt a màthair-chèile rithe, Càit an do dhìoghlaim thu an‑diugh? Agus càit an do shaothraich thu? Beannaichte gu robh an tì a chuir eòlas ort. Agus dh’innis i da màthair-chèile cò aig a shaothraich i, agus thubhairt i, Is e ainm an duine aig an do shaothraich mi an‑diugh, Bòas.
Agus thubhairt Naòmi ra ban-chliamhainn, Beannaichte gu robh esan on Tighearna nach do leig dheth a choibhneas do na beòthan agus do na mairbh. Agus thubhairt Naòmi rithe, Tha an duine dlùth an dàimh dhuinn; is aon e de ar dìlsean as fhaisge.
Agus thubhairt Naòmi ri Rut a ban-chliamhainn, Is fheàrr dhut, mo nighean, dol a‑mach maille ra ghruagaichean, a‑chum nach coinnich iad thu ann an achadh sam bith eile.
Dh’fhan i uime sin làimh ri gruagaichean Bhòais a dhìoghlam, gus an do chrìochnaicheadh foghar an eòrna, agus foghar a’ chruithneachd; agus ghabh i còmhnaidh maille ra màthair-chèile.