Agus rinn Hanah ùrnaigh, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a’ dèanamh gàirdeachais anns an Tighearna; dh’àrdaicheadh m’adharc anns an Tighearna; rinneadh mo bheul farsaing os cionn mo naimhdean, do bhrìgh gu bheil mi aoibhneach ann ad shlàinte-sa.
Na labhraibh nas mò cho ro‑uaibhreach; na tigeadh àrdan a‑mach as ur beul; oir is Dia eòlais an Tighearna, agus leis-san tha gnìomharan air an cothromachadh.
Iadsan a bha làn, airson arain thuarasdalaich iad iad fhèin; agus iadsan a bha acrach, sguir iad de bhith mar sin: ise a bha roimhe neo-thorrach, rug i seachdnar; agus ise aig an robh mòran cloinne, dh’fhàs i fann.
Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.
Brisear nam bloighdean eascairdean an Tighearna: as na nèamhan nì e tàirneanach orra: bheir an Tighearna breith air crìochan na talmhainn; agus bheir e neart da rìgh, agus àrdaichidh e adharc a Aoin ungte fhèin.
Agus b’e gnàth nan sagart leis an t‑sluagh, nuair a dh’ìobradh duine sam bith ìobairt, gun tigeadh òglach an t‑sagairt, nuair a bha an fheòil ga bruith, agus greimiche-feòla thrì meur na làimh;
Agus bhuaileadh e anns an aghann e, no anns a’ choire bheag, no anns a’ choire mhòr, no anns a’ phoit; gach nì a bheireadh an greimiche-feòla suas, ghabhadh an sagart air a shon fhèin: mar sin rinn iad ann an Siloh, ris na h‑Israelich uile a thàinig an sin.
Mar an ceudna mun loisgeadh iad an t‑saill, thigeadh òglach an t‑sagairt, agus theireadh e ris an duine a dh’ìobair, Thoir feòil ga ròstadh don t‑sagart: oir cha ghabh e uat feòil bhruith, ach amh.
Agus nan abradh duine sam bith ris, Na dearmadadh iad an t‑saill a losgadh air ball, agus an sin gabh dhut fhèin mar as miann led anam; an sin fhreagradh e, Chan eadh, ach bheir thu dhomh a‑nis; agus mura tabhair, gabhaidh mi a dh’aindeoin.
Agus rinn a mhàthair dha còta beag, agus thug i da ionnsaigh e o bhliadhna gu bliadhna, nuair a chaidh i suas maille ra fear a dh’ìobradh na h‑ìobairt bhliadhnail.
Agus bheannaich Eli Elcanah agus a bhean, agus thubhairt e, Gun tugadh an Tighearna dhut sliochd on mhnaoi seo, airson an tìodhlaic a thug i seachad don Tighearna. Agus chaidh iad dan àite fhèin.
Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna.
A‑nis bha Eli ro‑shean, agus chuala e gach nì a rinn a mhic ri Israel uile, agus cionnas a laigh iad leis na mnathan a chruinnich aig doras pàillean a’ choitheanail.
Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh a leithid seo de nithean? Oir tha mi a’ cluinntinn a‑thaobh ur droch ghnìomharan on t‑sluagh seo uile.
Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh.
Agus thàinig duine le Dia a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An d’fhoillsich mise gu soilleir mi fhèin do thaigh d’athar, nuair a bha iad anns an Eiphit, ann an taigh Phàraoh?
Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?
Carson a tha sibh a’ dèanamh tàir air m’ìobairt, agus air mo thabhartas a dh’àithn mi ann am àite-còmhnaidh, agus a tha thu a’ toirt urraim dod mhic os mo chionn-sa, gu sibh fhèin a dhèanamh reamhar le rogha uile thabhartasan mo shluaigh Israel?
Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.
Agus an duine sin agad nach geàrr mi as om altair, bidh e a chlaoidh do shùl, agus a chràdh do chridhe: agus bàsaichidh uile ghineal do thaighe ann an trèine an neirt.
Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth.
Agus tàrlaidh gun tig gach neach a dh’fhàgar ad thaigh a chromadh sìos dha airson mìr airgid, agus greim arain; agus their e, Cuir mi, guidheam ort, ann an aon de dhreuchdan nan sagart, a‑chum gun ith mi greim arain.