Agus thubhairt Daibhidh na chridhe, A‑nis tuitidh mi là‑eigin an làimh Shauil: chan eil nì air bith as fheàrr dhomh na mi a dhol as gu luath do dhùthaich nam Philisteach, a‑chum gun leig Saul dheth mise iarraidh nas mò ann an crìch air bith de Israeil, agus gun tèid mi as o a làimh.
Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh maille ri Achis ann an Gat, e fhèin agus a dhaoine, gach fear le a theaghlach, Daibhidh agus a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ bhan-Iesreeleach, agus Abigail a’ bhan-Charmeleach, bean Nàbeil.
Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, thugar dhomh àit ann am baile-eigin anns an dùthaich, a‑chum gun gabh mi còmhnaidh an sin: oir carson a ghabhadh do sheirbhiseach còmhnaidh anns a’ bhaile rìoghail maille riutsa?
Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd-àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit.
Agus bhuail Daibhidh an tìr, agus cha d’fhàg e fear no bean beò; agus thug e leis na caoraich, agus am buar, agus na h‑asail, agus na càmhail, agus an t‑aodach; agus thill e, agus thàinig e gu Achis.
Agus thubhairt Achis, Càit an do bhris sibh a‑steach an‑diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas de Iùdah, agus air an taobh deas de na Ierahmeelich, agus air an taobh deas de na Cenich.
Agus fear no bean cha do leig Daibhidh as beò, a thoirt sgeula gu Gat, ag ràdh, Air eagal gun innseadh iad oirnn, ag ràdh, Mar seo rinn Daibhidh. Agus mar seo bha a sheòl rè na h‑aimsir a dh’fhan e ann an dùthaich nam Philisteach.