× Language Europe Russian Belarusian Ukrainian Polish Serbian Bulgarian Slovakian Czech Romanian Moldovian Azerbaijan Armenian Georgian Albanian Avar Bashkir Tatar Chechen Slovenian Croatian Estonian Latvian Lithuanian Hungarian Finnish Norwegian Swedish Icelandic Greek Macedonian German Bavarian Dutch Danish Welsh Gaelic Irish French Basque Catalan Italian Galacian Romani Bosnian North America English South America Spanish Portuguese Guarani Quechuan Aymara Central America Jamaican Nahuatl Kiche Qeqchi Haitian East Asia Chinese Japanese Korean Mongolian Uyghur Hmong South East Asia Malaysian Burmese Chin Nepali Cebuano Tagalog Cambodian Thai Indonesian Vietnamese Javanese Lao Iban IuMien Kachin Lahu Aceh Balinese Bugis Pampanga Sasak Shan Waray South Asia Hindi Оdia Awadhi Mizo Kannada Malayalam Marathi Gujarati Tamil Telugu Punjabi Kurukh Assamese Maithili Bengali Urdu Sinhala Dogri Haryanvi Meitei Konkani Santali Sindhi Koya Thado Sanskrit Devanagari Adilabad Gondi Ahirani Balochi Bundeli Chhattisgarhi Garhwali Kangri Kumaoni Mewari Munda Sadri Seraiki Shekhawati Sylheti Central Asia Kyrgyz Uzbek Tajik Turkmen Kazakhstan Karakalpak Middle East Turkish Hebrew Arabic Persian Kurdish Pashto Coptic Africa Afrikaans Xhosa Zulu Ndebele Sotho Amharic Wolaytta Nigerian Mossi Ika Dinka Kabyle Ewe Swahili Morocco Somalian Shona Madagascar Igbo Lingala Baoule Siswati Tsonga Tswana Gambian Yoruba Kamba Kinyarwanda Hausa Chewa Luo Makhuwa Dyula Fulfulde Kalenjin Kikuyu Kikwango Kirundi Krio Nigerian Pidgin Oromo Tshiluba Tshivenda Twi Umbundu Lugbara Luguru Pular Gussi Maasai Turkana Moba Nuer Shilluk Tamasheq Makonde Bemba Fon Hadiyya Ibibio Kimbundu Kimiiru Lango Liberian Kreyol Lomwe Mende Morisyen Ndau Nyankole Sena Sidamo Soga Songe Sukuma Tarifit Teso Tiv Zande Australia Continent New Zealand Papua New Guinea Old Languages Aramaic Latin Esperanto 1 1 1 ABG 1992 ATN 2017ABG 1992ABIG 1992Tiomnadh 18751 1 1 Gnàth-fhacal GenesisEcsodusLebhiticusÀireamhDeuteronomiIosuaBritheamhanRut1 Samuel2 Samuel1 Rìgh2 Rìgh1 Eachdraidh2 EachdraidhEsraNehemiahEsteirIobSalmGnàth-fhacalEclesiastesDàn SholaimhIsaiahIeremiahTuireadh IeremiahEsecielDanielHosèaIoelAmosObadiahIonahMicahNahumHabacucSephaniahHagaiSechariahMalachi--- --- ---MataMarcusLùcasEòinGnìomharanRòmanaich1 Corintianach2 CorintianachGalàtianachEphèsianachPhilipianachColosianach1 Tesalònianaich2 Tesalònianaich1 Timòteus2 TimòteusTìtusPhilemoinEabhraidhichSeumas1 Peadar2 Peadar1 Eòin2 Eòin3 EòinIùdasTaisbeanadh1 1 1 23 123456789101112131415161718192021222324252627282930311 1 1 : 1 12345678910111213141516171819202122232425262728293031323334351 1 1 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Gnàth-fhacal 23 Save Notes 1Nuair a shuidheas tu a dh’ithe maille ri uachdaran, thoir an ro‑aire do na bheil fad chomhair;2Agus cuir sgian rid sgòrnan, mas duine thu air do thabhairt do chraos.3Na miannaich a nithean milis; oir is biadh mealltach iad.4Na saothraich gu fàs saoibhir; leig dhìot do ghliocas fhèin.5An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh.6Na ith aran an tì aig a bheil droch shùil, agus na miannaich a nithean milis.7Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat.8An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu a‑nìos, agus caillidh tu do bhriathran milis.9Na labhair ann an cluasan amadain; oir nì e tàir air gliocas do bhriathar.10Na atharraich an seann chomharradh-crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach:11Oir tha am fear-saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis ad aghaidh.12Aom do chridhe ri fòghlam, agus do chluasan ri briathran eòlais.13Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs.14Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn.15A mhic, ma bhios do chridhe glic, nì mo chridhe-sa gàirdeachas, eadhon mo chridhe-sa:16Seadh, nì m’àirnean gàirdeachas, nuair a labhras do bhilean nithean cearta.17Na gabhadh do chridhe farmad ri peacaich: ach bi ann an eagal an Tighearna air feadh an là uile.18Oir gu deimhinn tha crìoch ann; ach cha ghearrar as do dhòchas.19Eisd thusa, a mhic, agus bi glic, agus treòraich do chridhe anns an t‑slighe.20Na bi am measg phòitearan fìona; am measg luchd co‑ithidh geòcach feòla.21Oir thig am misgear agus an geòcaire gu bochdainn; agus èidichidh turra-chadal duine le luideagan.22Eisd rid athair a ghin thu, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda.23Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse.24Nì athair an fhìrein mòr-ghàirdeachas; agus nì esan a ghineas mac glic aoibhneas ann.25Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas.26A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean.27Oir is staing dhomhain strìopach; agus is sloc cumhang ban-choigreach.28Tha i mar an ceudna ri feall-fheitheamh mar chreachadair, agus cuiridh i luchd-dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine.29Cò dom buin truaighe? Cò a tha ri bròn? Cò aig a bheil connsachadh? Cò a tha ri gearan? Cò aig a bheil lotan gun adhbhar? Cò aig a bheil deirge shùl?30Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon; iadsan a thèid a dh’iarraidh fìona measgte.31Na amhairc thusa air an fhìon nuair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath anns a’ chupan, a thèid e sìos dìreach.32Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an rìgh-nathair sàthaidh e a‑ghath.33Amhaircidh do shùilean air mnathan coimheach, agus cuiridh do chridhe an cèill nithean claona:34Agus bidh tu mar an tì a laigheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a laigheas air bàrr croinn-siùil.35Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e.Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 © Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 © Scottish Bible Society 1992, 2017 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Gnàth-fhacal 23 00:00:00 00:00:00 0.5x 2.0x https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/proverbs/023.mp3 31 23