× Language Europe Russian Belarusian Ukrainian Polish Serbian Bulgarian Slovakian Czech Romanian Moldovian Azerbaijan Armenian Georgian Albanian Avar Bashkir Tatar Chechen Slovenian Croatian Estonian Latvian Lithuanian Hungarian Finnish Norwegian Swedish Icelandic Greek Macedonian German Bavarian Dutch Danish Welsh Gaelic Irish French Basque Catalan Italian Galacian Romani Bosnian North America English South America Spanish Portuguese Guarani Quechuan Aymara Central America Jamaican Nahuatl Kiche Qeqchi Haitian East Asia Chinese Japanese Korean Mongolian Uyghur Hmong South East Asia Malaysian Burmese Chin Nepali Cebuano Tagalog Cambodian Thai Indonesian Vietnamese Javanese Lao Iban IuMien Kachin Lahu Aceh Balinese Bugis Pampanga Sasak Shan Waray South Asia Hindi Оdia Awadhi Mizo Kannada Malayalam Marathi Gujarati Tamil Telugu Punjabi Kurukh Assamese Maithili Bengali Urdu Sinhala Dogri Haryanvi Meitei Konkani Santali Sindhi Koya Thado Sanskrit Devanagari Adilabad Gondi Ahirani Balochi Bundeli Chhattisgarhi Garhwali Kangri Kumaoni Mewari Munda Sadri Seraiki Shekhawati Sylheti Central Asia Kyrgyz Uzbek Tajik Turkmen Kazakhstan Karakalpak Middle East Turkish Hebrew Arabic Persian Kurdish Pashto Coptic Africa Afrikaans Xhosa Zulu Ndebele Sotho Amharic Wolaytta Nigerian Mossi Ika Dinka Kabyle Ewe Swahili Morocco Somalian Shona Madagascar Igbo Lingala Baoule Siswati Tsonga Tswana Gambian Yoruba Kamba Kinyarwanda Hausa Chewa Luo Makhuwa Dyula Fulfulde Kalenjin Kikuyu Kikwango Kirundi Krio Nigerian Pidgin Oromo Tshiluba Tshivenda Twi Umbundu Lugbara Luguru Pular Gussi Maasai Turkana Moba Nuer Shilluk Tamasheq Makonde Bemba Fon Hadiyya Ibibio Kimbundu Kimiiru Lango Liberian Kreyol Lomwe Mende Morisyen Ndau Nyankole Sena Sidamo Soga Songe Sukuma Tarifit Teso Tiv Zande Australia Continent New Zealand Papua New Guinea Old Languages Aramaic Latin Esperanto 1 1 1 ABG 1992 ATN 2017ABG 1992ABIG 1992Tiomnadh 18751 1 1 Lebhiticus GenesisEcsodusLebhiticusÀireamhDeuteronomiIosuaBritheamhanRut1 Samuel2 Samuel1 Rìgh2 Rìgh1 Eachdraidh2 EachdraidhEsraNehemiahEsteirIobSalmGnàth-fhacalEclesiastesDàn SholaimhIsaiahIeremiahTuireadh IeremiahEsecielDanielHosèaIoelAmosObadiahIonahMicahNahumHabacucSephaniahHagaiSechariahMalachi--- --- ---MataMarcusLùcasEòinGnìomharanRòmanaich1 Corintianach2 CorintianachGalàtianachEphèsianachPhilipianachColosianach1 Tesalònianaich2 Tesalònianaich1 Timòteus2 TimòteusTìtusPhilemoinEabhraidhichSeumas1 Peadar2 Peadar1 Eòin2 Eòin3 EòinIùdasTaisbeanadh1 1 1 1 1234567891011121314151617181920212223242526271 1 1 : 1 12345678910111213141516171 1 1 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Lebhiticus 1 Save Notes 1Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh.2Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bheir sibh ur tabhartas den sprèidh, eadhon den bhuar agus den treud.3Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt-loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna.4Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.5Agus marbhaidh e an tarbh òg an làthair an Tighearna: agus bheir na sagartan, mic Aaroin, leo an fhuil, agus crathaidh iad an fhuil mun cuairt air an altair, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.6Agus fionnaidh e an ìobairt-loisgte, agus gearraidh e i na mìrean.7Agus cuiridh mic Aaroin an sagart teine air an altair, agus leagaidh iad fiodh ann an òrdagh air an teine.8Agus leagaidh na sagartan, mic Aaroin, na mìrean, an ceann, agus an t‑saill, ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair.9Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.10Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt-loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e.11Agus marbhaidh e e aig taobh na h‑altarach mu thuath ann an làthair an Tighearna: agus crathaidh na sagartan, mic Aaroin, a fhuil air an altair mun cuairt.12Agus gearraidh e na mhìrean e, maille ra cheann agus ra shaill; agus cuiridh an sagart iad ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair.13Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.14Agus mas ann de eunlaith a bhios a thabhartas don Tighearna a‑chum ìobairt-loisgte, an sin bheir e a thabhartas de thurtaran, no de chalamain òga.15Agus bheir an sagart e a‑chum na h‑altarach, agus snìomhaidh e a cheann dheth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a‑mach a fhuil air taobh na h‑altarach.16Agus spìonaidh e a sgròban as maille ra chlòimh, agus tilgidh e làimh ris an altair e, air an taobh an ear, do àite na luatha.17Agus sgoiltidh e maille ra sgiathan e, ach cha roinn e o chèile e; agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a tha air an teine, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 © Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 © Scottish Bible Society 1992, 2017 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Lebhiticus 1 00:00:00 00:00:00 0.5x 2.0x https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/leviticus/001.mp3 27 1