× Language Europe Russian Belarusian Ukrainian Polish Serbian Bulgarian Slovakian Czech Romanian Moldovian Azerbaijan Armenian Georgian Albanian Avar Bashkir Tatar Chechen Slovenian Croatian Estonian Latvian Lithuanian Hungarian Finnish Norwegian Swedish Icelandic Greek Macedonian German Bavarian Dutch Danish Welsh Gaelic Irish French Basque Catalan Italian Galacian Romani Bosnian North America English South America Spanish Portuguese Guarani Quechuan Aymara Central America Jamaican Nahuatl Kiche Qeqchi Haitian East Asia Chinese Japanese Korean Mongolian Uyghur Hmong South East Asia Malaysian Burmese Chin Nepali Cebuano Tagalog Cambodian Thai Indonesian Vietnamese Javanese Lao Iban IuMien Kachin Lahu Aceh Balinese Bugis Pampanga Sasak Shan Waray South Asia Hindi Оdia Awadhi Mizo Kannada Malayalam Marathi Gujarati Tamil Telugu Punjabi Kurukh Assamese Maithili Bengali Urdu Sinhala Dogri Haryanvi Meitei Konkani Santali Sindhi Koya Thado Sanskrit Devanagari Adilabad Gondi Ahirani Balochi Bundeli Chhattisgarhi Garhwali Kangri Kumaoni Mewari Munda Sadri Seraiki Shekhawati Sylheti Central Asia Kyrgyz Uzbek Tajik Turkmen Kazakhstan Karakalpak Middle East Turkish Hebrew Arabic Persian Kurdish Pashto Coptic Africa Afrikaans Xhosa Zulu Ndebele Sotho Amharic Wolaytta Nigerian Mossi Ika Dinka Kabyle Ewe Swahili Morocco Somalian Shona Madagascar Igbo Lingala Baoule Siswati Tsonga Tswana Gambian Yoruba Kamba Kinyarwanda Hausa Chewa Luo Makhuwa Dyula Fulfulde Kalenjin Kikuyu Kikwango Kirundi Krio Nigerian Pidgin Oromo Tshiluba Tshivenda Twi Umbundu Lugbara Luguru Pular Gussi Maasai Turkana Moba Nuer Shilluk Tamasheq Makonde Bemba Fon Hadiyya Ibibio Kimbundu Kimiiru Lango Liberian Kreyol Lomwe Mende Morisyen Ndau Nyankole Sena Sidamo Soga Songe Sukuma Tarifit Teso Tiv Zande Dagbani Australia Continent New Zealand Papua New Guinea Old Languages Aramaic Latin Esperanto 1 1 1 ABG 1992 ATN 2017ABG 1992ABIG 1992Tiomnadh 18751 1 1 Àireamh GenesisEcsodusLebhiticusÀireamhDeuteronomiIosuaBritheamhanRut1 Samuel2 Samuel1 Rìgh2 Rìgh1 Eachdraidh2 EachdraidhEsraNehemiahEsteirIobSalmGnàth-fhacalEclesiastesDàn SholaimhIsaiahIeremiahTuireadh IeremiahEsecielDanielHosèaIoelAmosObadiahIonahMicahNahumHabacucSephaniahHagaiSechariahMalachi--- --- ---MataMarcusLùcasEòinGnìomharanRòmanaich1 Corintianach2 CorintianachGalàtianachEphèsianachPhilipianachColosianach1 Tesalònianaich2 Tesalònianaich1 Timòteus2 TimòteusTìtusPhilemoinEabhraidhichSeumas1 Peadar2 Peadar1 Eòin2 Eòin3 EòinIùdasTaisbeanadh1 1 1 1 1234567891011121314151617181920212223242526272829303132333435361 1 1 : 1 1234567891011121314151617181920212223242526272829303132333435363738394041424344454647484950515253541 1 1 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Àireamh 1 Save Notes 1Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ann am pàillean a’ choitheanail, air a’ chiad là den dara mìos, anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh,2Gabhaibh àireamh cinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, maille ri àireamh an ainmean, gach fireannach a rèir an ceann:3O fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel, àirmhidh tusa agus Aaron iad a rèir am buidhnean.4Agus maille ribhse bidh duine de gach uile threubh: gach aon dhiubh na cheann-taighe a athraichean.5Agus is iad seo ainmean nan daoine a sheasas maille ribh: De threubh Reubein: Elisur mac Shedeuir.6De Shimeon: Selumiel mac Shurisadai.7De Iùdah: Nahson mac Aminadaib.8De Isachar: Nàtaneel mac Shuair.9De Shebulun: Eliab mac Heloin.10De chloinn Iòseiph: de Ephraim, Elisama mac Amihuid; de Mhanaseh, Gamaliel mac Phedahsuir.11De Bheniàmin: Abidan mac Ghideoni.12De Dhan: Ahieser mac Amisadai.13De Aser: Pagiel mac Ocrain.14De Ghad: Eliasaph mac Dheueil.15De Naphtali: Ahira mac Enain.16B’iad sin daoine ainmeil a’ cho-chruinneachaidh, cinn-fheadhna treubhan an athraichean, ceannardan mhìltean ann an Israel.17Agus ghabh Maois agus Aaron na daoine sin, a ghairmeadh air an ainmean.18Agus thionail iad an co‑chruinneachadh uile an ceann a chèile air a’ chiad là den dara mìos, agus chuir iad an cèill an ginealaichean a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus thairis, a rèir an ceann.19Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an àireamh ann am fàsach Shinài.20Agus bha clann Reubein, am mac a bu shine a bha aig Israel, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh:21Bha iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Reubein, nan dà‑fhichead agus sia mìle agus còig ceud.22De chloinn Shimeoin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nan ainmean a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;23B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shimeoin, leth-cheud agus naoi mìle agus trì cheud.24De chloinn Ghad, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;25B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh eadhon de threubh Ghad, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud agus lethcheud.26De chloinn Iùdah, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh:27B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Iùdah, trì-fichead agus ceithir-mìle-deug agus sia ceud.28De chloinn Isachair, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh:29B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Isachair, leth-cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud.30De chloinn Shebuluin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;31B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shebuluin, leth-cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud.32De chloinn Iòseiph, eadhon de chloinn Ephraim, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;33B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Ephraim, dà‑fhichead mìle agus còig ceud.34De chloinn Mhanaseh, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;35B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Mhanaseh, dà‑mìle-dheug ar fhichead agus dà cheud.36De chloinn Bheniàmin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;37B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Bheniàmin, còig-mìle-deug ar fhichead agus ceithir cheud.38De chloinn Dhan, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;39B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Dhan, trì-fichead agus dà mhìle agus seachd ceud.40De chloinn Aseir, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;41B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Aseir, aon mhìle agus dà‑fhichead agus còig ceud.42De chloinn Naphtali, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;43B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Naphtali, trì-mìle-deug agus dà‑fhichead agus ceithir cheud.44Sin iadsan a chaidh àireamh, a dh’àireamh Maois agus Aaron, agus ceannardan Israeil, eadhon dà‑fhear-dheug: bha gach fear dhiubh airson taigh a athraichean.45Mar sin bha iadsan uile a chaidh àireamh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel;46Eadhon iadsan uile a chaidh àireamh, b’iad sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud.47Ach cha deachaidh na Lèbhithich, a rèir treubh an athraichean, àireamh nam measg:48Oir labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,49A‑mhàin chan àireamh thu treubh Lèbhi, cha mhò a ghabhas tu an cunntas cheann am measg chloinn Israeil:50Ach òrdaichidh tu na Lèbhithich os cionn pàillean na Fianais, agus os cionn a shoithichean uile, agus os cionn nan uile nithean a bhuineas dha: giùlainidh iad am pàillean, agus a shoithichean uile; agus frithealaidh iad dha, agus campaichidh iad mun cuairt air a’ phàillean.51Agus nuair a bhios am pàillean gu dol air aghaidh, leagaidh na Lèbhithich a‑nuas e: agus nuair a bhios am pàillean ra shuidheachadh, togaidh na Lèbhithich suas e: agus cuirear an coigreach a thig am fagas gu bàs.52Agus suidhichidh clann Israeil am bùthan, gach duine làimh ra chuideachd fhèin, agus gach duine làimh ra bhrataich fhèin, air feadh an armailtean.53Ach suidhichidh na Lèbhithich am bùthan mun cuairt air pàillean na Fianais; a‑chum is nach bi corraich air co‑chruinneachadh chloinn Israeil, agus gleidhidh na Lèbhithich cùram pàillean na Fianais.54Agus rinn clann Israeil a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 © Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 © Scottish Bible Society 1992, 2017 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Àireamh 1 00:00:00 00:00:00 0.5x 2.0x https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/numbers/001.mp3 36 1