× Language Europe Russian Belarusian Ukrainian Polish Serbian Bulgarian Slovakian Czech Romanian Moldovian Azerbaijan Armenian Georgian Albanian Avar Bashkir Tatar Chechen Slovenian Croatian Estonian Latvian Lithuanian Hungarian Finnish Norwegian Swedish Icelandic Greek Macedonian German Bavarian Dutch Danish Welsh Gaelic Irish French Basque Catalan Italian Galacian Romani Bosnian North America English South America Spanish Portuguese Guarani Quechuan Aymara Central America Jamaican Nahuatl Kiche Qeqchi Haitian East Asia Chinese Japanese Korean Mongolian Uyghur Hmong South East Asia Malaysian Burmese Chin Nepali Cebuano Tagalog Cambodian Thai Indonesian Vietnamese Javanese Lao Iban IuMien Kachin Lahu Aceh Balinese Bugis Pampanga Sasak Shan Waray South Asia Hindi Оdia Awadhi Mizo Kannada Malayalam Marathi Gujarati Tamil Telugu Punjabi Kurukh Assamese Maithili Bengali Urdu Sinhala Dogri Haryanvi Meitei Konkani Santali Sindhi Koya Thado Sanskrit Devanagari Adilabad Gondi Ahirani Balochi Bundeli Chhattisgarhi Garhwali Kangri Kumaoni Mewari Munda Sadri Seraiki Shekhawati Sylheti Central Asia Kyrgyz Uzbek Tajik Turkmen Kazakhstan Karakalpak Middle East Turkish Hebrew Arabic Persian Kurdish Pashto Coptic Africa Afrikaans Xhosa Zulu Ndebele Sotho Amharic Wolaytta Nigerian Mossi Ika Dinka Kabyle Ewe Swahili Morocco Somalian Shona Madagascar Igbo Lingala Baoule Siswati Tsonga Tswana Gambian Yoruba Kamba Kinyarwanda Hausa Chewa Luo Makhuwa Dyula Fulfulde Kalenjin Kikuyu Kikwango Kirundi Krio Nigerian Pidgin Oromo Tshiluba Tshivenda Twi Umbundu Lugbara Luguru Pular Gussi Maasai Turkana Moba Nuer Shilluk Tamasheq Makonde Bemba Fon Hadiyya Ibibio Kimbundu Kimiiru Lango Liberian Kreyol Lomwe Mende Morisyen Ndau Nyankole Sena Sidamo Soga Songe Sukuma Tarifit Teso Tiv Zande Australia Continent New Zealand Papua New Guinea Old Languages Aramaic Latin Esperanto 1 1 1 ABG 1992 ATN 2017ABG 1992ABIG 1992Tiomnadh 18751 1 1 Mata GenesisEcsodusLebhiticusÀireamhDeuteronomiIosuaBritheamhanRut1 Samuel2 Samuel1 Rìgh2 Rìgh1 Eachdraidh2 EachdraidhEsraNehemiahEsteirIobSalmGnàth-fhacalEclesiastesDàn SholaimhIsaiahIeremiahTuireadh IeremiahEsecielDanielHosèaIoelAmosObadiahIonahMicahNahumHabacucSephaniahHagaiSechariahMalachi--- --- ---MataMarcusLùcasEòinGnìomharanRòmanaich1 Corintianach2 CorintianachGalàtianachEphèsianachPhilipianachColosianach1 Tesalònianaich2 Tesalònianaich1 Timòteus2 TimòteusTìtusPhilemoinEabhraidhichSeumas1 Peadar2 Peadar1 Eòin2 Eòin3 EòinIùdasTaisbeanadh1 1 1 6 123456789101112131415161718192021222324252627281 1 1 : 1 123456789101112131415161718192021222324252627282930313233341 1 1 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Mata 6 Save Notes 1Thugaibh an aire nach toir sibh ur dèirc am fianais dhaoine, a‑chum gum faicear leo sibh; no chan fhaigh sibh duais o ur n‑Athair a tha air nèamh.2Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.3Ach nuair a bheir thusa dèirc, na biodh fhios aig do làimh chlì ciod a tha do làmh dheas a’ dèanamh;4A‑chum gum bi do dhèirc an uaigneas: agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.5Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.6Ach thusa, nuair a nì thu ùrnaigh, imich a‑steach dod sheòmar, agus air dùnadh do dhorais dhut, dèan ùrnaigh rid Athair a tha ann an uaigneas, agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.7Ach nuair a nì sibh ùrnaigh na gnàthaichibh ath-iarrtasan dìomhain, mar na cinnich: oir saoilidh iadsan gun èisdear riu airson lìonmhorachd am briathar.8Uime sin na bithibh-se cosmhail riu: oir tha fhios aig ur n‑Athair cia iad na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirbh, mun iarr sibh air iad.9Air an adhbhar sin dèanaibh-se ùrnaigh air a’ mhodh seo: Ar n‑Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d’ainm.10Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil air an talamh, mar a nìthear air nèamh.11Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil.12Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.13Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.14Oir ma mhaitheas sibh an cionta do dhaoine, maithidh ur n‑Athair nèamhaidh dhuibhse mar an ceudna:15Ach mura maith sibh an cionta do dhaoine, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair dhuibh-se ur cionta.16Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.17Ach thusa, nuair a nì thu trasgadh, cuir ola air do cheann, agus ionnail d’aghaidh:18A‑chum nach faicear le daoine gu bheil thu a’ dèanamh trasgaidh, ach led Athair a tha ann an uaigneas; agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.19Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad.20Ach taisgibh ionmhasan dhuibh fhèin air nèamh, far nach mill an leòmann no a’ mheirg, agus nach cladhaich agus nach goid na mèirlich.21Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, is ann an sin a bhios ur cridhe mar an ceudna.22Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin ma bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais.23Ach ma bhios do shùil gu h‑olc, bidh do chorp uile dorcha. Air an adhbhar sin, ma tha an solas a tha annad na dhorchadas, cia mòr an dorchadas sin!24Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.25Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?26Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan?27Agus cò agaibh le mòr-chùram a dh’fhaodas aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin?28Agus carson a tha sibh ro‑chùramach mu thimcheall ur culaidh? Fòghlamaibh cionnas a tha na lilidhean a’ fàs anns a’ mhachair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad.29Gidheadh tha mise ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na uile ghlòir air èideadh mar aon dhiubh seo.30Air an adhbhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feur na machrach a tha an‑diugh ann, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh?31Uime sin na bithibh làn de chùram, ag ràdh, Ciod a dh’itheas sinn, no ciod a dh’òlas sinn, no ciod a chuireas sinn umainn?32(Oir iad seo uile iarraidh na Cinnich); oir tha fhios aig ur n‑Athair nèamhaidh gu bheil feum agaibhse air na nithean seo uile.33Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.34Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 © Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 © Scottish Bible Society 1992, 2017 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Mata 6 00:00:00 00:00:00 0.5x 2.0x https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/matthew/006.mp3 28 6