× Language Europe Russian Belarusian Ukrainian Polish Serbian Bulgarian Slovakian Czech Romanian Moldovian Azerbaijan Armenian Georgian Albanian Avar Bashkir Tatar Chechen Slovenian Croatian Estonian Latvian Lithuanian Hungarian Finnish Norwegian Swedish Icelandic Greek Macedonian German Bavarian Dutch Danish Welsh Gaelic Irish French Basque Catalan Italian Galacian Romani Bosnian North America English South America Spanish Portuguese Guarani Quechuan Aymara Central America Jamaican Nahuatl Kiche Qeqchi Haitian East Asia Chinese Japanese Korean Mongolian Uyghur Hmong South East Asia Malaysian Burmese Chin Nepali Cebuano Tagalog Cambodian Thai Indonesian Vietnamese Javanese Lao Iban IuMien Kachin Lahu Aceh Balinese Bugis Pampanga Sasak Shan Waray South Asia Hindi Оdia Awadhi Mizo Kannada Malayalam Marathi Gujarati Tamil Telugu Punjabi Kurukh Assamese Maithili Bengali Urdu Sinhala Dogri Haryanvi Meitei Konkani Santali Sindhi Koya Thado Sanskrit Devanagari Adilabad Gondi Ahirani Balochi Bundeli Chhattisgarhi Garhwali Kangri Kumaoni Mewari Munda Sadri Seraiki Shekhawati Sylheti Central Asia Kyrgyz Uzbek Tajik Turkmen Kazakhstan Karakalpak Middle East Turkish Hebrew Arabic Persian Kurdish Pashto Coptic Africa Afrikaans Xhosa Zulu Ndebele Sotho Amharic Wolaytta Nigerian Mossi Ika Dinka Kabyle Ewe Swahili Morocco Somalian Shona Madagascar Igbo Lingala Baoule Siswati Tsonga Tswana Gambian Yoruba Kamba Kinyarwanda Hausa Chewa Luo Makhuwa Dyula Fulfulde Kalenjin Kikuyu Kikwango Kirundi Krio Nigerian Pidgin Oromo Tshiluba Tshivenda Twi Umbundu Lugbara Luguru Pular Gussi Maasai Turkana Moba Nuer Shilluk Tamasheq Makonde Bemba Fon Hadiyya Ibibio Kimbundu Kimiiru Lango Liberian Kreyol Lomwe Mende Morisyen Ndau Nyankole Sena Sidamo Soga Songe Sukuma Tarifit Teso Tiv Zande Australia Continent New Zealand Papua New Guinea Old Languages Aramaic Latin Esperanto 1 1 1 ABG 1992 ATN 2017ABG 1992ABIG 1992Tiomnadh 18751 1 1 Eabhraidhich GenesisEcsodusLebhiticusÀireamhDeuteronomiIosuaBritheamhanRut1 Samuel2 Samuel1 Rìgh2 Rìgh1 Eachdraidh2 EachdraidhEsraNehemiahEsteirIobSalmGnàth-fhacalEclesiastesDàn SholaimhIsaiahIeremiahTuireadh IeremiahEsecielDanielHosèaIoelAmosObadiahIonahMicahNahumHabacucSephaniahHagaiSechariahMalachi--- --- ---MataMarcusLùcasEòinGnìomharanRòmanaich1 Corintianach2 CorintianachGalàtianachEphèsianachPhilipianachColosianach1 Tesalònianaich2 Tesalònianaich1 Timòteus2 TimòteusTìtusPhilemoinEabhraidhichSeumas1 Peadar2 Peadar1 Eòin2 Eòin3 EòinIùdasTaisbeanadh1 1 1 11 123456789101112131 1 1 : 1 123456789101112131415161718192021222324252627282930313233343536373839401 1 1 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Eabhraidhich 11 Save Notes 1A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.2Oir is ann tre seo a fhuair na sinnsirean deagh theisteas.3Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.4Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.5Tre chreideamh dh’atharraicheadh Enoch a‑chum nach faiceadh e bàs; agus cha d’fhuaireadh e, do bhrìgh gun d’atharraich Dia e: oir ro a atharrachadh thugadh fianais dha gun do thaitinn e ri Dia.6Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.7Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.8Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.9Tre chreideamh bha e air chuairt ann an tìr a’ gheallaidh, mar ann an tìr choimhich, a’ gabhail còmhnaidh ann am pàilleanan maille ri Isaac agus Iàcob, co‑oighreachan a’ gheallaidh cheudna.10Oir bha sùil aige ri baile aig a bheil bunaitean, air a bheil Dia na fhear-dealbhaidh agus na fhear-togail.11Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.12Uime sin ghineadh o aon a‑mhàin, agus esan ionnan agus marbh, sliochd mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd, agus mar a’ ghaineamh air tràigh na fairge do‑àireamh.13Fhuair iad seo uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhaibh am faicinn fad o làimh (agus an làn-chreidsinn), ghabh iad riu, agus dh’aidich iad gum bu choigrich agus luchd-cuairt air an talamh iad fhèin.14Oir an dream a tha ag ràdh nan nithean sin, tha iad a’ nochdadh gu soilleir gu bheil iad ag iarraidh dùthcha.15Agus gu fìrinneach nam biodh iad cuimhneachail air an dùthaich sin as an tàinig iad a‑mach, dh’fhaodadh iad àm iomchaidh fhaghail air tilleadh:16Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.17Tre chreideamh dh’ìobair Abrahàm, air dha a bhith air a dhearbhadh, a mhac Isaac; agus thug an tì a fhuair na geallaidhean suas a aon-ghin mhic;18Ris an dubhairteadh, Ann an Isaac goirear do shliochd:19A’ meas gum bu chomasach Dia air a thogail eadhon o na mairbh; on d’fhuair e e eadhon ann an samhladh.20Tre chreideamh bheannaich Isaac Iàcob agus Esau mu thimcheall nithean a bha ri teachd.21Tre chreideamh bheannaich Iàcob, aig faghail bàis dha, dithis mhac Iòseiph; agus rinn e adhradh, a’ leigeadh a chudthrom air bàrr a bhata.22Tre chreideamh rinn Iòseph, ri àm faghail a’ bhàis dha, iomradh air dol a‑mach chloinn Israeil: agus thug e àithne mu thimcheall a chnàmh.23Tre chreideamh nuair a rugadh Maois, dh’fhalaicheadh e trì mìosan le a phàrantan, do bhrìgh gum faca iad gum bu leanabh tlachdmhor e; agus cha robh eagal orra ro àithne an rìgh.24Tre chreideamh air teachd gu aois do Mhaois, dhiùlt e a bhith air a ghairm na mhac do nighinn Phàraoh;25A’ roghnachadh àmhghar fhulang maille ri sluagh Dhè, ro shòlas a’ pheacaidh a mhealtainn rè seal;26A’ meas gum bu mhò an saoibhreas masladh Chrìosd na ionmhasan na h‑Eiphit: oir bha sùil aige ris an luach-saothrach.27Tre chreideamh thrèig e an Eiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo-fhaicsinneach.28Tre chreideamh ghlèidh e a’ chàisg, agus an dòrtadh fala, a‑chum nach beanadh an tì a sgrios na ciad-ghin riùsan.29Tre chreideamh chaidh iad tre an mhuir ruaidh, mar tre thalamh tioram: nì nuair a thug na h‑Eiphitich ionnsaigh air a dhèanamh, bhàthadh iad.30Tre chreideamh thuit ballachan Iericho, an dèidh a bhith air an cuartachadh rè seachd làithean.31Is ann tre chreideamh nach do sgriosadh Rahab, an strìopach, maille riùsan nach do chreid, nuair a ghabh i ris an luchd-brathaidh ann an sìth.32Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean:33Muinntir tre chreideamh a cheannsaich rìoghachdan, a dh’obraich fìreantachd, a fhuair geallaidhean, a dhruid beòil leòmhann,34A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.35Fhuair mnathan am mairbh air an togail a‑rìs gu beatha: agus chràidh-phianadh dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa; a‑chum gum faigheadh iad aiseirigh a b’fheàrr.36Fhuair dream eile deuchainn de fhanaidean, agus de sgiùrsaidhean, seadh fòs, de ghèimhlean agus de phrìosan.37Chlachadh iad, shàbhadh as a chèile iad, bhuaireadh iad, chuireadh gu bàs leis a’ chlaidheamh iad: chaidh iad mun cuairt nam fògarraich ann an craicinn chaorach agus ghobhar, ann an uireasbhaidh, ann an trioblaidean, ann an cràdh;38(Dream air nach b’airidh an saoghal); a’ dol air seachran ann am fàsaichean, agus air slèibhtean, agus ann an uaimhean agus ann an sluic na talmhainn.39Agus air dhaibh seo uile deagh theisteas fhaotainn tre chreideamh, cha d’fhuair iad an gealladh:40Air do Dhia nì‑eigin as fheàrr a sholar dhuinne, ionnas nach biodh iadsan air an dèanamh foirfe as ar n‑eugmhais-ne.Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 © Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 © Scottish Bible Society 1992, 2017 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Eabhraidhich 11 00:00:00 00:00:00 0.5x 2.0x https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/hebrews/011.mp3 13 11