× Language Europe Russian Belarusian Ukrainian Polish Serbian Bulgarian Slovakian Czech Romanian Moldovian Azerbaijan Armenian Georgian Albanian Avar Bashkir Tatar Chechen Slovenian Croatian Estonian Latvian Lithuanian Hungarian Finnish Norwegian Swedish Icelandic Greek Macedonian German Bavarian Dutch Danish Welsh Gaelic Irish French Basque Catalan Italian Galacian Romani Bosnian North America English South America Spanish Portuguese Guarani Quechuan Aymara Central America Jamaican Nahuatl Kiche Qeqchi Haitian East Asia Chinese Japanese Korean Mongolian Uyghur Hmong South East Asia Malaysian Burmese Chin Nepali Cebuano Tagalog Cambodian Thai Indonesian Vietnamese Javanese Lao Iban IuMien Kachin Lahu Aceh Balinese Bugis Pampanga Sasak Shan Waray South Asia Hindi Оdia Awadhi Mizo Kannada Malayalam Marathi Gujarati Tamil Telugu Punjabi Kurukh Assamese Maithili Bengali Urdu Sinhala Dogri Haryanvi Meitei Konkani Santali Sindhi Koya Thado Sanskrit Devanagari Adilabad Gondi Ahirani Balochi Bundeli Chhattisgarhi Garhwali Kangri Kumaoni Mewari Munda Sadri Seraiki Shekhawati Sylheti Central Asia Kyrgyz Uzbek Tajik Turkmen Kazakhstan Karakalpak Middle East Turkish Hebrew Arabic Persian Kurdish Pashto Coptic Africa Afrikaans Xhosa Zulu Ndebele Sotho Amharic Wolaytta Nigerian Mossi Ika Dinka Kabyle Ewe Swahili Morocco Somalian Shona Madagascar Igbo Lingala Baoule Siswati Tsonga Tswana Gambian Yoruba Kamba Kinyarwanda Hausa Chewa Luo Makhuwa Dyula Fulfulde Kalenjin Kikuyu Kikwango Kirundi Krio Nigerian Pidgin Oromo Tshiluba Tshivenda Twi Umbundu Lugbara Luguru Pular Gussi Maasai Turkana Moba Nuer Shilluk Tamasheq Makonde Bemba Fon Hadiyya Ibibio Kimbundu Kimiiru Lango Liberian Kreyol Lomwe Mende Morisyen Ndau Nyankole Sena Sidamo Soga Songe Sukuma Tarifit Teso Tiv Zande Australia Continent New Zealand Papua New Guinea Old Languages Aramaic Latin Esperanto 1 1 1 ABG 1992 ATN 2017ABG 1992ABIG 1992Tiomnadh 18751 1 1 2 Peadar GenesisEcsodusLebhiticusÀireamhDeuteronomiIosuaBritheamhanRut1 Samuel2 Samuel1 Rìgh2 Rìgh1 Eachdraidh2 EachdraidhEsraNehemiahEsteirIobSalmGnàth-fhacalEclesiastesDàn SholaimhIsaiahIeremiahTuireadh IeremiahEsecielDanielHosèaIoelAmosObadiahIonahMicahNahumHabacucSephaniahHagaiSechariahMalachi--- --- ---MataMarcusLùcasEòinGnìomharanRòmanaich1 Corintianach2 CorintianachGalàtianachEphèsianachPhilipianachColosianach1 Tesalònianaich2 Tesalònianaich1 Timòteus2 TimòteusTìtusPhilemoinEabhraidhichSeumas1 Peadar2 Peadar1 Eòin2 Eòin3 EòinIùdasTaisbeanadh1 1 1 1 1231 1 1 : 1 1234567891011121314151617181920211 1 1 Am Bìoball Gàidhlig 1992 2 Peadar 1 Save Notes 1Sìmon Peadar, seirbhiseach agus abstol Iosa Crìosd, dhaibhsan a fhuair an creideamh luachmhor ceudna rinne, tre fhìreantachd ar Dè agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd:2Gu robh gràs agus sìth air am meudachadh dhuibh, tre eòlas Dhè, agus Iosa ar Tighearna,3A rèir mar a dheònaich a chumhachd diadhaidh-san dhuinn na nithean sin uile a bhuineas do bheatha agus do dhiadhachd, tre eòlas an tì sin a ghairm sinn a‑chum glòire, agus deagh-bheus:4Tre an tugadh dhuinn geallaidhean ro‑mhòr agus luachmhor, a‑chum den trìdsan gum biodh sibhse air ur dèanamh nur luchd-compàirt de nàdar na diadhachd, air dhuibh dol as on truaillidheachd a tha anns an t‑saoghal tre ana-miann.5Agus a thuilleadh air seo, air dèanamh an uile dhìchill dhuibh, cuiribh ri ur creideamh deagh-bheus; agus ri deagh-bheus eòlas;6Agus ri eòlas stuaim; agus ri stuaim foighidinn; agus ri foighidinn diadhachd;7Agus ri diadhachd gràdh bràthaireil; agus ri gràdh bràthaireil seirc.8Oir ma bhios na nithean seo annaibh, agus pailt, bheir iad oirbh gun a bhith leisg, no mì‑thorrach ann an eòlas ar Tighearna, Iosa Crìosd.9Ach an tì aig nach eil na nithean sin, tha e dall, agus geàrr-sheallach, a’ dìochuimhneachadh gun do ghlanadh e o a sheann pheacaidhean.10Uime sin, a bhràithrean, dèanaibh tuilleadh dìchill a‑chum ur gairm agus ur taghadh a dhèanamh cinnteach: oir ma nì sibh na nithean seo, cha tuit sibh a‑chaoidh:11Oir mar sin fritheilear gu pailt dhuibh slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd.12Uime sin cha dearmad mi na nithean seo a ghnàth-chur an cuimhne dhuibh, ged is aithne dhuibh iad, agus ged tha sibh air ur daingneachadh anns an fhìrinn an làthair.13Ach tha mi a’ meas gur còir, am feadh a tha mi anns a’ phàillean seo, sibhse a bhrosnachadh le ur cur an cuimhne:14Air dhomh fios a bhith agam gur fagas dhomh àm cur dhìom mo phàillein seo, amhail a dh’fhoillsich ar Tighearna Iosa Crìosd dhomh.15Ach nì mi dìcheall, a‑chum an dèidh dhomh siubhal, gum bi agaibhse gnàth-chuimhne air na nithean seo.16Oir cha do lean sinne faoin-sgeulachdan a dhealbhadh gu h‑innleachdach, nuair a chuir sinn an cèill dhuibh cumhachd agus teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, ach rinneadh sinn nar sùil-fhianaisean air a mhòrachd-san.17Oir fhuair e o Dhia an t‑Athair urram agus glòir, nuair a thàinig a shamhail seo de ghuth da ionnsaigh on ghlòir òirdheirc, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa, anns a bheil mo mhòr-thlachd.18Agus chuala sinne an guth seo a thàinig o nèamh, nuair a bha sinn maille ris air an t‑sliabh naomh.19Tha againn mar an ceudna facal fàidheadaireachd as cinntiche; dom math a nì sibh aire a thoirt, mar do lòchran a tha a’ toirt solais uaithe ann an ionad dorcha, gus an soillsich an là, agus an èirich an reul-mhaidne nur cridheachan:20Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, nach eil fàidheadaireachd air bith den sgriobtar o thogradh dhaoine fhèin.21Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 © Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 © Scottish Bible Society 1992, 2017 Am Bìoball Gàidhlig 1992 2 Peadar 1 00:00:00 00:00:00 0.5x 2.0x https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/2peter/001.mp3 3 1