× Language Europe Russian Belarusian Ukrainian Polish Serbian Bulgarian Slovakian Czech Romanian Moldovian Azerbaijan Armenian Georgian Albanian Avar Bashkir Tatar Chechen Slovenian Croatian Estonian Latvian Lithuanian Hungarian Finnish Norwegian Swedish Icelandic Greek Macedonian German Bavarian Dutch Danish Welsh Gaelic Irish French Basque Catalan Italian Galacian Romani Bosnian Kabardian North America English South America Spanish Portuguese Guarani Quechuan Aymara Central America Jamaican Nahuatl Kiche Qeqchi Haitian East Asia Chinese Japanese Korean Mongolian Uyghur Hmong Tibetian South East Asia Malaysian Burmese Chin Nepali Cebuano Tagalog Cambodian Thai Indonesian Sundanese Vietnamese Javanese Lao Iban IuMien Kachin Lahu Aceh Balinese Bugis Pampanga Sasak Shan Waray South Asia Hindi Оdia Awadhi Mizo Kannada Malayalam Marathi Gujarati Tamil Telugu Punjabi Kurukh Assamese Maithili Bengali Urdu Sinhala Dogri Haryanvi Meitei Konkani Santali Sindhi Koya Thado Sanskrit Devanagari Adilabad Gondi Ahirani Balochi Bundeli Chhattisgarhi Garhwali Kangri Kumaoni Mewari Munda Sadri Seraiki Shekhawati Sylheti Bagri Bhilali Bodo Braj Tulu Central Asia Kyrgyz Uzbek Tajik Turkmen Kazakhstan Karakalpak Middle East Turkish Hebrew Arabic Persian Kurdish Mazanderani Pashto Coptic Africa Afrikaans Xhosa Zulu Ndebele Sotho Amharic Wolaytta Nigerian Mossi Ika Dinka Kabyle Ewe Swahili Morocco Somalian Shona Madagascar Igbo Lingala Baoule Siswati Tsonga Tswana Gambian Yoruba Kamba Kinyarwanda Hausa Chewa Luo Makhuwa Dyula Fulfulde Kalenjin Kikuyu Kikwango Kirundi Krio Nigerian Pidgin Oromo Tshiluba Tshivenda Twi Umbundu Lugbara Luguru Pular Gussi Maasai Turkana Moba Nuer Shilluk Tamasheq Makonde Bemba Fon Hadiyya Ibibio Kimbundu Kimiiru Lango Liberian Kreyol Lomwe Mende Morisyen Ndau Nyankole Sena Sidamo Soga Songe Sukuma Tarifit Teso Tiv Zande Dagbani Edo Kituba Australia Continent New Zealand Papua New Guinea Old Languages Aramaic Latin Esperanto 1 1 1 ABG 1992 ATN 2017ABG 1992ABIG 1992Tiomnadh 18751 1 1 Britheamhan GenesisEcsodusLebhiticusÀireamhDeuteronomiIosuaBritheamhanRut1 Samuel2 Samuel1 Rìgh2 Rìgh1 Eachdraidh2 EachdraidhEsraNehemiahEsteirIobSalmGnàth-fhacalEclesiastesDàn SholaimhIsaiahIeremiahTuireadh IeremiahEsecielDanielHosèaIoelAmosObadiahIonahMicahNahumHabacucSephaniahHagaiSechariahMalachi--- --- ---MataMarcusLùcasEòinGnìomharanRòmanaich1 Corintianach2 CorintianachGalàtianachEphèsianachPhilipianachColosianach1 Tesalònianaich2 Tesalònianaich1 Timòteus2 TimòteusTìtusPhilemoinEabhraidhichSeumas1 Peadar2 Peadar1 Eòin2 Eòin3 EòinIùdasTaisbeanadh1 1 1 1 1234567891011121314151617181920211 1 1 : 1 1234567891011121314151617181920212223242526272829303132333435361 1 1 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Britheamhan 1 Save Notes 1A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh?2Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas: feuch, thug mi an tìr thairis da làimh.3Agus thubhairt Iùdah ri Simeon a bhràthair, Thig a‑nìos maille riumsa dom chrannchur, a‑chum gun cog sinn an aghaidh nan Canàanach, agus thèid mise mar an ceudna maille riutsa dod chrannchur-sa. Agus chaidh Simeon maille ris.4Agus chaidh Iùdah suas; agus thug an Tighearna na Canàanaich agus na Peridsich thairis dan làimh: agus mharbh iad dhiubh ann am Besec deich mìle fear.5Agus fhuair iad Adoni-besec ann am Besec; agus chog iad na aghaidh, agus bhuail iad na Canàanaich agus na Peridsich.6Ach theich Adoni-besec, agus lean iad e, agus ghlac iad e, agus gheàrr iad dheth òrdagan a làmh agus a chas.7Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail trì-fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin.8A‑nis chog clann Iùdah an aghaidh Ierusaleim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus chuir iad am baile ri theine.9Agus an dèidh sin, chaidh clann Iùdah sìos a chogadh an aghaidh nan Canàanach, a bha a chòmhnaidh anns a’ mhonadh, agus anns an àird a deas, agus anns a’ chòmhnard.10Agus chaidh Iùdah an aghaidh nan Canàanach a bha a chòmhnaidh ann an Hebron, (a‑nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba,) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai.11Agus a sin chaidh e an aghaidh luchd-àiteachaidh Dhebir: (agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat-sepher:)12Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat-sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi.13Agus ghlac Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.14Agus nuair a thàinig i da ionnsaigh, bhrosnaich i e gu achadh iarraidh o a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail; agus thubhairt Càleb rithe, Ciod as àill leat?15Agus thubhairt i ris, Thoir dhomh beannachadh: oir thug thu dhomh fearann ri deas: thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge. Agus thug Càleb dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach.16Agus chaidh clann a’ Chenich, athair-cèile Mhaois, suas à baile nan craobh-pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.17Agus chaidh Iùdah maille ri Simeon a bhràthair, agus bhuail iad na Canàanaich a bha nan còmhnaidh ann an Sephat, agus sgrios iad gu tur e: (agus thugadh Hormah mar ainm air a’ bhaile:)18Agus ghlac Iùdah Gàsa agus a chrìochan, agus Ascelon agus a chrìochan, agus Ecron agus a chrìochan.19Agus bha an Tighearna maille ri Iùdah; agus ghabh e sealbh air a’ mhonadh, ach cha b’urrainn e luchd-àiteachaidh an t‑sratha fhògradh a‑mach, a chionn gu robh carbadan iarainn aca.20Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic.21Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.22Agus chaidh taigh Iòseiph mar an ceudna suas an aghaidh Bheteil: agus bha an Tighearna maille riu.23Agus chuir taigh Iòseiph daoine a rannsachadh a‑mach Bheteil: (a‑nis b’e ainm a’ bhaile roimhe Luds).24Agus chunnaic an luchd-bratha duine a’ teachd a‑mach as a’ bhaile, agus thubhairt iad ris, Feuch dhuinn, guidheamaid ort, an rathad a‑steach don bhaile, agus nochdaidh sinn tròcair dhut.25Agus nuair a dh’fheuch e dhaibh an rathad a‑steach don bhaile, bhuail iad am baile le faobhar a’ chlaidheimh: ach leig iad air falbh an duine agus a theaghlach uile.26Agus chaidh an duine do fhearann nan Hiteach, agus thog e baile, agus thug e Luds mar ainm air: is e seo a ainm gus an là‑an‑diugh.27Cha mhò a dh’fhògair Manaseh a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-seain agus a bhailtean, no Thaanaich agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Ibleaim agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean: ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an fhearann sin.28Agus thàrladh, nuair a dh’fhàs Israel làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhuadaich iad gu buileach a‑mach iad.29Cha mhò a dh’fhuadaich Ephraim a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg ann an Gèser.30Cha mhò a dh’fhuadaich Sebulun a‑mach luchd-àiteachaidh Chitroin no luchd-àiteachaidh Nahaloil: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg, agus bha iad fo chìs dhaibh.31Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd-àiteachaidh Acho, no luchd-àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib:32Ach ghabh na h‑Aserich còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre; oir cha d’fhuadaich iad a‑mach iad.33Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-semeis, no luchd-àiteachaidh Bhet-anait; ach ghabh e còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd-àiteachaidh Bhet-semeis agus Bhet-anait fo chìs dhaibh.34Agus dh’èignich na h‑Amoraich clann Dhain don t‑sliabh: oir cha leigeadh iad leo teachd a‑nuas don ghleann.35Ach b’àill leis na h‑Amoraich còmhnaidh a ghabhail ann an sliabh Hereis ann an Aialon, agus ann an Saalbim: gidheadh bhuadhaich làmh taigh Iòseiph, agus bha iad fo chìs dhaibh.36Agus bha crìoch nan Amorach o uchdaich Acrabim, on charraig, agus suas o sin.Gaelic Bible (Scottish) (ABG) 1992 © Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 © Scottish Bible Society 1992, 2017 Am Bìoball Gàidhlig 1992 Britheamhan 1 00:00:00 00:00:00 0.5x 2.0x https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/judges/001.mp3 21 1