Bible Version Compare
- |
|---|
| 1 |
| Agus a' dol a‑steach do dh'eathar chaidh Ìosa thairis agus thàinig e dhan bhaile aige fhèin. |
| 2 |
| Agus seall, thug iad thuige duine air an robh a' phairilis, na laighe air leabaidh. Agus nuair a chunnaic Ìosa an creideamh‑san, thuirt e ris an fhear air an robh a' phairilis, “Biodh deagh mhisneach agad, a leanaibh, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.” |
| 3 |
| Agus seall, thuirt cuid de na sgrìobhaichean riutha fhèin, “Tha am fear seo ri toibheum!” |
| Gaelic Bible (ATN) 2017
Comann Bhìoball na h‑Alba 2017 Scottish Bible Society 2017 |
| 1 |
| Agus air dol ann an luing dha, chaidh e thar an uisge, agus thàinig e da bhaile fhèin. |
| 2 |
| Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut. |
| 3 |
| Agus, feuch, thubhairt dream àraidh de na sgrìobhaichean annta fhèin, Tha am fear seo a’ labhairt toibheim. |
| Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017 |
| 1 |
| Agus air dol ann an luing dha, chaidh e thar an uisge, agus thàinig e da bhaile fhèin. |
| 2 |
| Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut. |
| 3 |
| Agus, feuch, thubhairt dream àraidh de na sgrìobhaichean annta fhèin, Tha am fear seo a’ labhairt toibheim. |
| Gaelic Bible ABIG 1880
Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017 Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017 |
| 1 |
| ʼSa dol a stigh do bhàta, chaidh e thairis, us thainig e gu bhaile fhein. |
| 2 |
| Agus, seall, thug iad ga ionnsuidh fear air an robh an tinneas-critheach ʼna laidhe air leabaidh. Agus Iosa faicinn an creidimh, thuirt e ris an fhear air an robh a chrith: Biodh misneach agad, a mhic, tha do pheacannan mathte dhut. |
| 3 |
| Agus, seall, thuirt cuid dhe na Sgriobhaich riu fhein: Tha e labhairt blaisbheum. |
| Gaelic Bible 1875
Scottish Bible Society 2017 Comann Bhìoball na h-Alba 2017 |